Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 9:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlèidh iad a’ chainnt seo aca fhèin, a’ fiosrachadh de chèile ciod a bu chiall don aiseirigh o na mairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus bha farmad aig a bhràithrean ris; ach thug a athair fa‑near a’ chainnt.

Agus ghabh Peadar e, agus thòisich e air achmhasan a thabhairt dha, ag ràdh, Guma fada sin uatsa, a Thighearna: cha tachair sin dhutsa.

Agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, Carson a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gur èiginn gun tig Elias air tùs?

Ach cha do thuig iad a’ chainnt seo, agus bha eagal orra fheòraich dheth.

Agus aig teachd dhaibh a‑nuas on bheinn, dh’àithn e dhaibh gun na nithean a chunnaic iad innse do neach sam bith gus an èireadh Mac an Duine a‑rìs o na mairbh.

Cha do thuig a dheisciobail na nithean seo air tùs: ach nuair a ghlòraicheadh Iosa, an sin chuimhnich iad gu robh na nithean seo sgrìobhte uime, agus gun do rinn iad na nithean seo dha.

An sin thug feallsanaich àraidh de na h‑Epicuraich, agus de na Stoicich, aghaidh air; agus thubhairt cuid, Ciod a b’àill leis an fhear bhith-bhriathrach seo a ràdh? Thubhairt cuid eile, Is cosmhail gu bheil e a’ searmonachadh dhiathan coimheach; do bhrìgh gun do shearmonaich e dhaibh Iosa, agus an aiseirigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan