Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 8:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’ith iad, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad làn seachd basgaidean den bhiadh bhriste, a bha a dh’fhuidheall aca.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Tha sùilean nan uile a’ feitheamh ort, agus bheir thu dhaibh am biadh na thràth.

Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad làn dà‑chlèibh-dheug den bhiadh bhriste, a bha a dh’fhuidheall aca.

Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad den bhiadh bhriste a dh’fhàgadh làn sheachd basgaid.

No seachd buileannan nan ceithir mìle, agus cia lìon basgaid a thog sibh?

Agus bha iadsan a dh’ith mu thimcheall ceithir mìle; agus leig e air falbh iad.

Lìon e an dream a bha acrach le nithean matha; agus chuir e uaithe na daoine saoibhir falamh.

Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan