Marcus 8:6Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thug e òrdagh don t‑sluagh suidhe sìos air an làr: agus ghlac e na seachd buileannan, agus air toirt buidheachais, bhris e, agus thug e iad da dheisciobail, a‑chum gun cuireadh iad nan làthair iad: agus chuir iad sìos an làthair an t‑sluaigh iad. Faic an caibideil |
An tì aig a bheil suim den là, is ann don Tighearna a tha suim aige dheth; agus an tì aig nach eil suim den là, is ann don Tighearna nach eil suim aige dheth. An tì a tha ag ithe, is ann don Tighearna a tha e ag ithe, oir tha e a’ toirt buidheachais do Dhia; agus an tì nach eil ag ithe, is ann don Tighearna nach ith e, agus bheir e buidheachas do Dhia.