Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 8:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair a dheisciobail e, Cia as a dh’fhaodas neach iad seo a shàsachadh le aran an seo anns an fhàsach?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair ceannard, air làimh an do leig an rìgh a thaic, an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch, ged dhèanadh an Tighearna tuil-dhorsan anns na nèamhan, am faodadh an nì seo a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thusa led shùilean e, ach chan ith thu dheth.

Agus thubhairt a dheisciobail ris, Cia as a gheibheamaid uiread arain anns an fhàsach is a bu leòr a shàsachadh slòigh cho mòr?

Oir cha tug iad fa‑near mìorbhail nam buileannan; oir bha an cridhe air a chruadhachadh.

Agus ma leigeas mi dan taighean fhèin nan trasg iad, fannaichidh iad air an t‑slighe: oir thàinig cuid aca am fad.

Agus dh’fhiosraich e dhiubh, Cia lìon buileann a tha agaibh? Agus thubhairt iadsan, Seachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan