Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 8:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ciod e an tairbhe do dhuine, ged a chosnadh e an saoghal gu h‑iomlan, agus a anam a chall?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, Craiceann airson craicinn, eadhon gach nì a tha aig duine bheir e airson a anama.

Do Dhia am faod duine a bhith tairbheach, mar a dh’fhaodas esan a tha glic a bhith tairbheach dha fhèin?

Oir nuair a gheibh e bàs, cha toir e nì air bith leis; cha tèid a ghlòir sìos na dhèidh,

Thubhairt sibh, Is dìomhain seirbhis a thoirt don Tighearna; agus ciod a’ bhuannachd dhuinn gun do choimhead sinn a òrdagh, agus gun do ghluais sinn gu brònach an làthair Tighearna nan sluagh?

Oir ciod an tairbhe a tha ann do dhuine, ged chosnadh e an saoghal uile, agus a anam fhèin a chall? No ciod a’ mhalairt a bheir duine airson a anama?

Oir ge bè neach leis an àill a anam fhèin a choimhead, caillidh e e; ach ge bè neach a chailleas a anam air mo shon-sa, agus airson an t‑soisgeil, coimheadaidh esan e.

No ciod a bheir duine ann an èirig a anama?

Oir ciod e an tairbhe do dhuine, ged chosnadh e an saoghal gu h‑iomlan, agus e fhèin a chall, no a bhith air a sgrios?

Air an adhbhar sin ciod an toradh a bha agaibh an sin anns na nithean sin a tha a‑nis a’ cur nàire oirbh? Oir is e crìoch nan nithean sin am bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan