Oir ge bè neach leis an àill a anam fhèin a choimhead, caillidh e e; ach ge bè neach a chailleas a anam air mo shon-sa, agus airson an t‑soisgeil, coimheadaidh esan e.
Agus ge bè neach a thrèig taighean, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean-phòsda, no clann, no fearann air sgàth m’ainme-sa, gheibh e a cheud uiread, agus a’ bheatha mhaireannach mar oighreachd.
Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.
An sin fhreagair Pòl, Ciod as ciall dhuibh, a’ gul, agus a’ briseadh mo chridhe? Oir tha mise ullamh chan ann a‑mhàin gu bhith air mo cheangal, ach eadhon gu bàsachadh ann an Ierusalem airson ainm an Tighearna Iosa.
Uime sin tha mi a’ gabhail tlachd ann an anfhainneachdan, ann am masladh, ann an uireasbhaidhean, ann an geur-leanmhainnean, ann an teanntachdan airson Chrìosd: oir nuair a tha mi lag, an sin tha mi làidir.
Fhuair mnathan am mairbh air an togail a‑rìs gu beatha: agus chràidh-phianadh dream eile, gun iad a ghabhail ri saorsa; a‑chum gum faigheadh iad aiseirigh a b’fheàrr.
Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.
Agus thubhairt mi ris, A Thighearna, tha fhios agadsa. Agus thubhairt e rium, Is iad seo iadsan a thàinig à àmhghar mòr; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.