Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 8:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair e a’ chainnt seo gu follaiseach. Agus rug Peadar air, agus thòisich e ra chronachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Peadar e, agus thòisich e air achmhasan a thabhairt dha, ag ràdh, Guma fada sin uatsa, a Thighearna: cha tachair sin dhutsa.

Agus bha esan ann an deireadh na luinge, na chadal air cluasaig: agus dhùisg iad e, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, nach eil suim agad gun caillear sinn?

Ach bha Marta air a ro‑chùradh le mòran frithealaidh, agus air seasamh dhi na làthair thubhairt i, A Thighearna, nach eil suim agad gun d’fhàg mo phiuthar mise am aonar ri frithealadh? Uime sin abair rithe cuideachadh leam.

An sin chruinnich na h‑Iùdhaich ma thimcheall, agus thubhairt iad ris, Cia fhad a chumas tu ar n‑anaman ann an amharas? Mas tu Crìosd, innis dhuinn gu follaiseach.

An sin thubhairt Iosa riu gu soilleir, Fhuair Làsaras bàs.

Na nithean seo labhair mi ribh ann am briathran dorcha: ach thig an uair anns nach labhair mi nas mò ribh ann am briathran dorcha, ach innsidh mi gu soilleir mun Athair dhuibh.

Thubhairt a dheisciobail ris, Feuch, a‑nis tha thu a’ labhairt gu soilleir, agus chan eil thu a’ labhairt cosamhlachd air bith.

Fhreagair Iosa e, Labhair mise gu follaiseach ris an t‑saoghal; theagaisg mi a‑ghnàth anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far a bheil na h‑Iùdhaich a’ cruinneachadh as gach àit; agus am falach cha do labhair mi nì air bith.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan