Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 8:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan riu, Ach cò a tha sibhse ag ràdh as mi? Fhreagair Peadar agus thubhairt e ris, Is tu Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e riu, Dhuibhse thugadh eòlas a ghabhail air nithean diamhair rìoghachd Dhè: ach dhaibh-san a tha an leth a‑muigh nìthear gach nì ann an cosamhlachdan:

Thubhairt e riu, Ach cò a tha sibhse ag ràdh as mi? Agus fhreagair Peadar, agus thubhairt e, Crìosd Dhè.

Thubhairt i ris, Tha, a Thighearna: tha mi a’ creidsinn gur tusa Crìosd, Mac Dhè, a bha gu teachd a‑chum an t‑saoghail.

Agus thubhairt iad ris a’ mhnaoi, Tha sinn a’ creidsinn chan ann à seo suas airson do chòmhraidh-sa: oir chuala sinn fhèin e, agus tha fhios againn gur e seo da‑rìribh Crìosd, Slànaighear an t‑saoghail.

An sin fhreagair Sìmon Peadar e, A Thighearna, cò a dh’ionnsaigh an tèid sinn? Agadsa tha briathran na beatha maireannaich.

Agus tha sinne a’ creidsinn, agus tha fhios againn gur tusa Crìosd, Mac an Dè bheò.

Agus nuair a dh’imich iad air an t‑slighe, thàinig iad gu uisge àraidh: agus thubhairt an caillteanach, Feuch, uisge; ciod a tha a’ bacadh mise a bhith air mo bhaisteadh?

Agus air ball shearmonaich e Iosa anns na sionagogan, gur esan Mac Dhè.

Dhuibhse uime sin a chreideas, tha e luachmhor: ach dhaibhsan a tha eas-umhail, a’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisne dhith,

Ge bè neach a dh’aidicheas gur e Iosa Mac Dhè, tha Dia na chòmhnaidh annsan, agus esan ann an Dia.

Ge bè neach a chreideas gur e Iosa an Crìosd, ghineadh o Dhia e; agus ge bè a ghràdhaicheas an tì a ghin, gràdhaichidh e mar an ceudna an tì a ghineadh leis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan