Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 8:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na dhèidh sin, chuir e a làmhan a‑rìs air a shùilean, agus thug e air amharc suas: agus dh’aisigeadh a fhradharc dha, agus chunnaic e gach uile dhuine gu soilleir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Ach tha slighe nam fìrean mar an solas dealrach, a dhealraicheas nas mò agus nas mò gu ruig an là iomlan.

Oir ge bè neach aig a bheil, dhàsan bheirear, agus bidh aige an tuilleadh pailteis: ach ge bè neach aig nach eil, uaithesan bheirear eadhon an nì a tha aige.

Agus dh’amhairc esan suas, agus thubhairt e, Tha mi a’ faicinn dhaoine mar chraobhan ag imeachd.

Agus chuir e a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin e, ag ràdh, Na rach a‑steach don bhaile, agus na innis do neach air bith anns a’ bhaile e.

Agus am feadh a bha iadsan a’ geur-amharc gu nèamh, agus esan a’ dol suas, feuch, sheas dithis fhear làimh riu ann an aodach geal;

Chuala esan Pòl a’ labhairt: neach air dha amharc gu geur air, agus a thuigsinn gu robh creideamh aige a‑chum a bhith air a leigheas.

Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:

Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:

Ach fàsaibh ann an gràs, agus ann an eòlas ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd. Dhàsan gu robh glòir a‑nis agus gu sìorraidh. Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan