Agus rug e air làimh an doill agus threòraich e a‑mach as a’ bhaile e; agus air dha a sheile a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh’fheòraich e dheth an robh e a’ faicinn nì air bith.
Na dhèidh sin, chuir e a làmhan a‑rìs air a shùilean, agus thug e air amharc suas: agus dh’aisigeadh a fhradharc dha, agus chunnaic e gach uile dhuine gu soilleir.
Agus nuair a chunnaic Gaal an sluagh, thubhairt e ri Sebul, Feuch, tha sluagh a’ teachd a‑nuas o mhullach nam beann. Agus thubhairt Sebul ris, Tha thu a’ faicinn sgàil nam beann mar dhaoine.