Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 8:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig e gu Betsaida; agus thug iad da ionnsaigh duine dall, agus ghuidh iad air gum beanadh e ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin; is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fada on a rinn iad aithreachas ann an sac-aodach agus an luaithre.

Agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn ri iomall a aodaich a‑mhàin; agus a mheud dhiubh is a bhean, shlànaicheadh gu h‑iomlan iad.

Agus bhean e ra làimh, agus dh’fhàg am fiabhras i: agus dh’èirich i, agus rinn i frithealadh dha.

Agus shìn Iosa a‑mach a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is àill leam; bi thusa glan. Agus air ball bha a luibhre air a glanadh.

An sin bhean e rin sùilean, ag ràdh, Biodh e dhuibh a rèir ur creidimh.

Agus thàinig iad, a’ toirt da ionnsaigh neach air an robh a’ phairilis, air a ghiùlan le ceathrar.

Oir leighis e mòran; ionnas gun do dhlùth-theann iad ris, a mheud is air an robh plàighean, a‑chum gum beanadh iad ris.

Agus air ball cho-èignich e a dheisciobail gu dol anns an luing, agus dol roimhe a dh’ionnsaigh an taoibh thall gu Betsaida, gus an cuireadh e an sluagh air falbh.

Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin! Is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida! Oir nam biodh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fad on a dhèanadh iad aithreachas, nan suidhe ann an sac-aodach agus ann an luaithre.

Agus air tilleadh do na h‑Abstoil, dh’innis iad dha gach nì a rinn iad. Agus thug e leis iad, agus chaidh e fa leth gu àite fàsail, a bhuineadh don bhaile den goirear Betsaida.

A‑nis bha Philip o Bhetsaida, baile Anndrais agus Pheadair.

Air an adhbhar sin thàinig iadsan gu Philip, a bha o Bhetsaida Ghalile, agus dh’iarr iad air, ag ràdh, A thighearna, bu mhiann leinn Iosa fhaicinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan