Agus bha iadsan a’ reusonachadh nam measg fhèin, ag ràdh, Is ann a chionn nach eil aran againn a tha e.
Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Thugaibh an aire, bithibh air ur faicill an aghaidh taois ghoirt nam Pharasach, agus taois ghoirt Heroid.
Agus air aithneachadh sin do Iosa, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh do bhrìgh nach eil aran agaibh? Nach eil fhios agaibh fhathast, agus nach eil sibh a’ tuigsinn? A bheil ur cridhe fhathast air a chruadhachadh?
Agus reusonaich iad eatorra fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, o nèamh; their esan, Carson, matà, nach do chreid sibh e?
An sin dh’èirich deasbaireachd eatorra, cò aca a bu mhò a bhiodh.