Agus thubhairt Daibhidh ri Solamh a mhac, Bi làidir agus gabh misneach, agus dèan e: na biodh eagal ort, agus na bi fo uamhas, oir bidh an Tighearna Dia, mo Dhia-sa, leat; chan fhàilnich e ort, cha mhò a thrèigeas e thu, gus an crìochnaich thu an obair uile fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna.
Cha dèanar tabhartas-bìdh sam bith, a bheir sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, le taois ghoirt; oir cha loisg sibh a’ bheag de thaois ghoirt, no de mhil, ann an tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine.
Agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o shannt: oir chan ann am mòr-phailteas nan nithean a tha e a’ sealbhachadh a tha beatha an duine.
Tha mi a’ sparradh ort ann am fianais Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, agus nan aingeal taghte, gun coimhead thu na nithean seo, gun aon a chur ro neach eile, gun nì air bith a dhèanamh le claon-bhreith.
Tha mi a’ sparradh ort ann am fianais Dhè, a bheothaicheas na h‑uile nithean, agus ann am fianais Iosa Crìosd, a rinn fianais air deagh aidmheil an làthair Phontiuis Philait,
Cuir na nithean sin an cuimhne dhaibh, a’ cur sparraidh orra am fianais an Tighearna, gun iad a bhith a’ connsachadh mu fhacail anns nach eil tairbhe sam bith, ach a thilgeas bun-os‑cionn an luchd-èisdeachd.