Agus dhìochuimhnich na deisciobail aran a thoirt leo; agus cha robh aca ach aon bhuileann maille riu anns an luing.
Agus nuair a thàinig a dheisciobail a dh’ionnsaigh an taoibh eile, dhìochuimhnich iad aran a thabhairt leo.
Agus dh’fhàg e iad, agus air dha dol a‑steach don luing a‑rìs, chaidh e a‑chum an taoibh eile.
Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Thugaibh an aire, bithibh air ur faicill an aghaidh taois ghoirt nam Pharasach, agus taois ghoirt Heroid.