Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 7:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach is ann gu dìomhain a tha iad a’ toirt adhraidh dhòmhsa, a’ teagasg àitheantan dhaoine mar theagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Uime sin thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil an sluagh seo a’ teachd dlùth dhòmhsa lem beul, agus a’ toirt onair dhomh lem bilean, ach nan cridhe gun do theich iad fada uam; agus gu bheil an eagal romhamsa air a theagasg le àitheantan dhaoine;

Thubhairt sibh, Is dìomhain seirbhis a thoirt don Tighearna; agus ciod a’ bhuannachd dhuinn gun do choimhead sinn a òrdagh, agus gun do ghluais sinn gu brònach an làthair Tighearna nan sluagh?

Ach is ann an dìomhain a tha iad a’ dèanamh adhraidh dhòmhsa, a’ teagasg àitheantan dhaoine mar theagasg.

Ach nuair a nì sibh ùrnaigh na gnàthaichibh ath-iarrtasan dìomhain, mar na cinnich: oir saoilidh iadsan gun èisdear riu airson lìonmhorachd am briathar.

Agus mura d’èirich Crìosd, gu deimhinn is dìomhain ar searmoin-ne, agus is dìomhain ur creideamh-se mar an ceudna.

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.

Gach nì a tha mise ag àithneadh dhuibh, thugaibh an aire gun dèan sibh e: cha chuir thu ris, cha mhò a bheir thu nì sam bith uaithe.

Nithean a thèid uile an neoni len gnàthachadh), a rèir àitheantan agus teagasgan dhaoine?

Ach seachainn ceistean amaideach, agus sloinnteireachd, agus connspaidean, agus connsachadh mun lagh; oir tha iad gun tairbhe agus dìomhain.

Ma shaoileas neach air bith nur measg gu bheil e diadhaidh, gun a bhith a’ cur srèin ra theangaidh, ach a’ mealladh a chridhe fhèin, is dìomhain diadhachd an duine seo.

Ach, O dhuine dhìomhain, an àill leat fios fhaotainn gu bheil creideamh as eugmhais obraichean marbh?

Oir tha mi a’ dèanamh fianais do gach uile neach a chluinneas briathran fàidheadaireachd an leabhair seo, Ma chuireas neach air bith ris na nithean seo, cuiridh Dia airsan na plàighean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo:

Agus na tionndaidhibh a thaobh an dèidh nithean faoine, nach bi a‑chum tairbhe dhuibh, agus nach saor sibh; oir is faoineas iad:)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan