Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 7:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin dh’fheòraich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, Carson nach eil do dheisciobail ag imeachd a rèir beul-aithris nan seanairean, ach a tha iad ag ithe arain le làmhan gun ionnlaid?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Carson a tha do dheisciobail a’ dol an aghaidh gnàth nan sinnsear? Oir chan ionnlaid iad an làmhan nuair a dh’itheas iad aran.

A’ cur facal Dhè an neo-bhrìgh le ur beul-aithris fhèin, a dh’aithris sibh: agus mòran den leithidean sin de nithean tha sibh a’ dèanamh.

Oir air dhuibh àithne Dhè a thrèigsinn, tha sibh a’ cumail òrdachadh dhaoine, mar tha nighe phoitean agus chupan: agus mòran eile den leithidean sin tha sibh a’ dèanamh.

Agus thubhairt e riu, Is math a tha sibh a’ cur air cùl àithne Dhè, a‑chum gun coimhead sibh ur n‑òrdachadh fhèin.

Agus chuala iad umadsa, gu bheil thu a’ teagasg do na h‑Iùdhaich uile a tha am measg nan Cinneach, Maois a thrèigsinn, ag ràdh riu nach còir dhaibh an clann a thimcheall-ghearradh, no gluasad a rèir nan gnàth.

Thoir iadsan leat, agus bi air do ghlanadh maille riu, agus dèan costas leo, a‑chum gum beàrr iad an cinn: agus gum bi fhios aig na h‑uile nach eil ach neoni anns na chuala iad mud thimcheall-sa, ach gu bheil thu fhèin mar an ceudna ag imeachd gu riaghailteach, agus a’ coimhead an lagha.

Agus na athair an timcheall-ghearraidh dhaibhsan nach eil a‑mhàin den timcheall-ghearradh, ach mar an ceudna a tha ag imeachd ann an ceuman creideamh ar n‑athar Abrahàm, a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh.

Agus gun tàinig mi air m’aghaidh ann an creideamh nan Iùdhach thar mòran dem chomhaoisean am measg mo chinnich fhèin, air dhomh a bhith na bu ro‑eudmhoire mu ghnàthannan mo shinnsireachd.

Oir tha sinn a’ cluinntinn gu bheil daoine àraidh ag imeachd gu mì‑riaghailteach nur measg, nach eil a’ dèanamh obrach sam bith, ach a’ gabhail gnothaich ri nithean nach buin dhaibh.

A‑nis àithneamaid dhuibh, a bhràithrean, ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, sibh fhèin a dhealachadh ris gach uile bhràthair a tha ag imeachd gu mì‑riaghailteach, agus chan ann a rèir an teagaisg a fhuair e uainne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan