Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 7:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dhaibh teachd on mhargadh, mura tum iad iad, chan ith iad. Agus tha mòran de nithean eile a ghabh iad orra a choimhead, mar tha nighe chupan, agus phoitean, agus shoithichean umha, agus leapaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Nighidh mi mo làmhan ann an neochiontas, agus cuartaichidh mi d’altair, a Thighearna,

Nighibh, glanaibh; cuiribh air falbh olc ur dèanadais as mo shealladh; sguiribh den olc.

Agus chuir mi air beulaibh mic taigh nan Rechabach soireachan làn fìona, agus cupain; agus thubhairt mi riu, Olaibh fìon.

Glan do chridhe o aingidheachd, O Ierusaleim, a‑chum gun tèarnar thu. Cia fhad a ghabhas do smuaintean aingidh còmhnaidh an taobh a‑staigh dhìot?

Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir glanaidh sibh an taobh a‑muigh den chupan agus den mhèis, ach tha iad an taobh a‑staigh làn reubainn agus eucoir.

Pharasaich dhoill, glan air tùs an taobh a‑staigh den chupan agus den mhèis, a‑chum gum bi an taobh a‑muigh dhiubh glan mar an ceudna.

Agus nuair a chunnaic Pilat nach do bhuadhaich e a’ bheag sam bith, ach gun d’èirich an tuilleadh buaireis, ghabh e uisge, agus dh’ionnlaid e a làmhan am fianais an t‑sluaigh, ag ràdh, Tha mise neochiontach de fhuil an fhìrein seo; faicibh-se sin.

Oir air dhuibh àithne Dhè a thrèigsinn, tha sibh a’ cumail òrdachadh dhaoine, mar tha nighe phoitean agus chupan: agus mòran eile den leithidean sin tha sibh a’ dèanamh.

Agus bha sia soithichean-uisge de chloich air an cur an sin, a rèir gnàth-glanaidh nan Iùdhach, a ghabhadh dà fheircin no trì, gach aon dhiubh.

An sin dh’èirich ceist eadar deisciobail Eòin agus na h‑Iùdhaich, mu thimcheall glanaidh.

An t‑seirbhis a bha a‑mhàin ann am biadhan agus ann an deochan, agus ann an iomadh gnè ionnlaid, agus deas-ghnàthan a‑thaobh na feòla, a chuireadh mar uallaich orra gu àm an leasachaidh.

Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh e ribh: glanaibh ur làmhan, a pheacacha, agus glanaibh ur cridhe, sibhse aig a bheil an inntinn dhùbailte.

Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan