Tha na doill a’ faotainn am fradhairc, agus na bacaich ag imeachd, tha na lobhair air an glanadh, agus na bodhair a’ cluinntinn, tha na mairbh air an dùsgadh, agus an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.
Agus dh’èirich esan air ball, agus thog e an leabaidh agus chaidh e a‑mach nam fianais uile, ionnas gu robh mòr-iongantas orra uile, agus gun do ghlòraich iad Dia, ag ràdh, Chan fhaca sinne riamh a leithid seo.
Agus dh’àithn e dhaibh gun iad a dh’innse sin do neach air bith: ach mar as mò a thoirmisg esan dhaibh, bu mhò gu ro‑mhòr a chuir iadsan an gnìomh am follais;