Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 7:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad da ionnsaigh duine bodhar, aig an robh stadaich na chainnt: agus ghuidh iad air gun cuireadh e làmh air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, Tha mo nighean bheag ann an cunnart grad-bhàis; thig, tha mi a’ guidhe ort, agus leag do làmhan oirre a‑chum gun slànaichear i, agus mairidh i beò.

Agus air ball dh’fhosgladh a chluasan, agus dh’fhuasgladh ceangal a theangaidh, agus labhair e gu ceart.

Agus bha e a’ tilgeadh a‑mach deamhain, agus bha e balbh. Agus air dol don deamhan a‑mach, labhair am balbhan; agus ghabh an sluagh iongantas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan