Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 7:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan rithe, Airson na cainnte seo fhèin, imich romhad; tha an deamhan air dol a‑mach as do nighinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Oir na nithean seo uile rinn mo làmh, agus na nithean seo uile is leamsa, deir an Tighearna; ach air an fhear seo amhaircidh mi, eadhon airsan a tha bochd agus leònte na spiorad, agus a chriothnaicheas rom fhacal.

Is beannaichte iadsan a tha bochd nan spiorad: oir is leo rìoghachd nèimh.

Agus fhreagair ise agus thubhairt i ris, Is fìor sin, a Thighearna: gidheadh, ithidh na coin fon bhòrd de spruilleach na cloinne.

Agus nuair a bha ise air teachd a dh’ionnsaigh a taighe, fhuair i an deamhan air dol a‑mach, agus a nighean air a cur na laighe air an leabaidh.

An tì a nì peacadh, is ann on diabhal a tha e; oir tha an diabhal a’ peacachadh o thùs. Is ann a‑chum na crìche seo a dh’fhoillsicheadh Mac Dhè, a‑chum gun sgriosadh e obraichean an diabhail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan