Agus thubhairt Iosa rithe, Fuiling don chloinn air tùs a bhith air an sàsachadh: oir chan eil e iomchaidh aran na cloinne a ghabhail, agus a thilgeadh a‑chum nan con.
Chuir Iosa an dà‑fhear-dheug seo a‑mach a’ tabhairt àithne dhaibh, ag ràdh, Na gabhaibh gu slighe nan Cinneach, agus na rachaibh a‑steach do aon bhaile a bhuineas do na Samaritanaich:
Na toiribh an nì naomh do na madaidhean, agus na tilgibh ur neamhnaidean am fianais nam muc, air eagal gun saltair iad orra len casan, agus air tilleadh dhaibh gu reub iad sibh fhèin as a chèile.
A‑nis tha mi ag ràdh, gu robh Iosa Crìosd na mhinistear an timcheall-ghearraidh airson fìrinn Dhè, a‑chum na geallaidhean a rinneadh do na h‑athraichean a dhaingneachadh:
Gu robh sibh anns an àm sin as eugmhais Chrìosd, nur coimhich do cho-fhlaitheachd Israeil, agus nur coigrich do choicheangail a gheallaidh, as eugmhais dòchais, agus gun Dia anns an t‑saoghal: