Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 7:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dha èirigh as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin: agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh, cha b’àill leis fios a bhith aig neach sam bith air: gidheadh chan fhaodadh e a bhith am falach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus ghin Canàan Sìdon a chiad-ghin, agus Het,

Agus bha crìoch nan Canàanach o Shìdon, mar a thig thu gu Gèrar, gu ruig Gadsa, mar a thèid thu gu Sòdom agus Gomorrah, agus Admah, agus Seboim gu ruig Lasa.

Gabhaidh Sebulun còmhnaidh aig caladh a’ chuain, agus bidh e airson caladh long; agus bidh a oirthir gu ruig Sìdon.

Agus thubhairt e, Cha dèan thu caithreim nas mò, O òigh shàraichte, a nighean Shìdoin; èirich, rach thairis gu Citim; an sin fòs chan fhaigh thu suaimhneas.

Cha ghlaodh e, agus cha tog e iolach; agus cha chluinnear a ghuth anns na sràidean.

A mhic an duine, abair ri prionnsa Thìruis, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, a chionn gu bheil do chridhe air a thogail suas, agus gun dubhairt thu, Is dia mi, tha mi am shuidhe ann an cathair Dhè, ann am meadhon nan cuantan; gidheadh is duine thu, agus cha Dia, ged a chuir thu do chridhe mar chridhe Dhè.

Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin; is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fada on a rinn iad aithreachas ann an sac-aodach agus an luaithre.

Agus nuair a thàinig e a‑steach don taigh, thàinig na doill da ionnsaigh: agus thubhairt Iosa riu, A bheil sibh a’ creidsinn gur comasach mise air seo a dhèanamh? Thubhairt iad ris, Tha, a Thighearna.

Agus an dèidh làithean àraidh, chaidh e a‑rìs a‑steach do Chapernàum; agus chualas esan a bhith anns an taigh.

Tha na h‑uilc seo uile a’ teachd a‑mach on taobh a‑staigh, agus a’ salachadh an duine.

Oir chuala bean uime, aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan, agus thàinig i agus thuit i aig a chasan;

Agus a‑rìs, nuair a dh’imich e o chrìochan Thìruis agus Shìdoin, thàinig e gu muir Ghalile, tro mheadhon crìochan Dhecapolis.

Mar an ceudna tha deagh obraichean cuid follaiseach ro‑làimh; agus na h‑obraichean a tha air ghleus eile, chan fhaodar am falach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan