Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 7:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir is ann on taobh a‑staigh, à cridhe dhaoine, a thig a‑mach droch smuaintean, adhaltranas, strìopachas, mortadh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

37 Iomraidhean Croise  

Agus chunnaic an Tighearna gum bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gu robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a‑mhàin olc gach aon là.

Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh, agus thubhairt an Tighearna na chridhe, Cha mhallaich mi a‑rìs an talamh nas mò airson an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o a òige; cha mhò a sgriosas mi tuilleadh gach nì beò, mar a rinn mi.

Cò a bheir glan à neòghlan? Cha tabhair a h‑aon.

Cionnas, matà, a shaorar duine an làthair Dhè? Agus cionnas a bhios esan glan a rugadh o mhnaoi?

Lùb mo ghlùin gud theisteis, agus chan ann gu sannt.

Thubhairt an t‑amadan na chridhe, Chan eil Dia ann. Tha iad truaillidh; rinn iad obraichean gràineil; chan eil neach ann a nì math.

Chlaon iad uile; tha iad gu lèir air fàs salach; chan eil neach ann a nì math, chan eil eadhon aon.

Thubhairt an t‑amadan na chridhe, Chan eil Dia ann; tha iad truaillidh, agus rinn iad aingidheachd ghràineil; chan eil neach ann a nì math.

Chaidh gach aon dhiubh air ais; tha iad gu lèir air fàs salach; chan eil neach ann a nì math, chan eil eadhon aon.

Sgriosaidh an Tighearna taigh nan uaibhreach; ach daingnichidh e crìoch na bantraich.

Leis gach uile dhìcheall glèidh do chridhe; oir as a sin tha sruthan na beatha.

Le peacachadh agus le breugan an aghaidh an Tighearna, agus le tilleadh air falbh o ar Dia; le ainneart a labhairt agus le ceannairc a dhealbhadh; agus le briathran breugach aithris on chridhe.

Tha an cas a’ ruith a‑chum uilc, agus tha iad a’ greasadh a‑chum fuil neo-chiontach a dhòrtadh; is innleachdan aingidheachd an innleachdan; tha lèirsgrios agus milleadh nan ceuman.

Agus gun do rinn sibhse nas miosa na ur n‑athraichean; oir feuch, tha sibh ag imeachd, gach aon a rèir ais-innleachd a dhroch chridhe fhèin, gun ghèill a thoirt dhòmhsa.

Tha an cridhe cealgach thar na h‑uile nithean, agus tha e do‑leigheas; cò as urrainn a thuigsinn?

Glan do chridhe o aingidheachd, O Ierusaleim, a‑chum gun tèarnar thu. Cia fhad a ghabhas do smuaintean aingidh còmhnaidh an taobh a‑staigh dhìot?

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tàrlaidh anns an là sin gun tig nithean ann ad aire, agus gun smaoinich thu droch smuaintean.

Oir is ann as a’ chridhe thig droch smuaintean, mortadh, adhaltranas, strìopachas, gadachd, fianais bhrèige, toibheum:

Agus air do Iosa an smuaintean fhaicinn, thubhairt e, Carson a tha sibh a’ smaoineachadh uilc nur cridheachan?

Agus thubhairt e, Is e an nì a thig a‑mach as an duine a shalaicheas an duine.

Goid, sannt, aingidheachd, mealltaireachd, macnas, droch shùil, toibheum, uabhar, amaideachd:

Agus thubhairt e riu, Is sibhse an dream a tha gur fìreanachadh fhèin am fianais dhaoine; ach is aithne do Dhia ur cridheachan: oir an nì sin a tha ro‑mheasail aig daoine, is gràinealachd e am fianais Dhè.

Am feadh a dh’fhuirich e gun reic, nach bu leat fhèin e? Agus an dèidh a reic nach robh e nad chomas fhèin? Carson a smaoinich thu ann ad chridhe an gnìomh seo? Cha do rinn thu breug do dhaoine, ach do Dhia.

Gabh aithreachas uime sin ded olc seo, agus guidh air Dia, ma dh’fhaodar gum maithear dhut smuain do chridhe.

Oir nuair a bha sinn anns an fheòil, bha miannan nam peacaidhean, tre an lagh, ag obrachadh nar buill, a‑chum toradh a thoirt a‑mach gu bàs.

Ach air don pheacadh fàth a ghlacadh tre an àithne, dh’obraich e annam gach uile ghnè an‑tograidh: oir as eugmhais an lagha bha am peacadh marbh.

Uime sin claoidhibh ur buill a tha air an talamh, strìopachas, neòghlaine, fonn-collaidh, ana-miannan, agus sannt, nì as iodhal-adhradh;

Oir bha sinne fhèin uaireigin eu‑cèillidh, eas-umhail, air seachran, a’ dèanamh seirbhis do iomadh gnè ana-miann agus an‑toilean, a’ caitheamh ar beatha ann am mìorun agus am farmad, fuath-thoillteannach, agus a’ toirt fuath da chèile.

Nach eil sibh mar sin leth-bhreitheach annaibh fhèin, agus nach do rinneadh sibh nur britheamhan dhroch smuaintean?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan