Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 7:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Is e an nì a thig a‑mach as an duine a shalaicheas an duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus ma thig neach gam shealltainn, labhraidh e dìomhanas; càrnaidh a chridhe euceart dha fhèin; thèid e a‑mach agus labhraidh e e.

Is truagh dhaibhsan a tha a’ dealbh aingidheachd, agus a’ cur an gnìomh uilc air an leapaichean; nuair a shoillsicheas a’ mhadainn tha iad ga dhèanamh, a chionn gu bheil e an comas an làimhe.

Ach na nithean sin a thig a‑mach as a’ bheul, tha iad a’ teachd on chridhe, agus is iad sin a shalaicheas an duine.

Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Tha e sgrìobhte, Chan ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach uile fhacal a thig o bheul Dhè.

Chan eil nì sam bith on taobh a‑muigh den duine, a thèid a‑steach ann, dom bheil e an comas a shalachadh; ach na nithean a tha a’ teachd a‑mach as, is iad sin a tha a’ salachadh an duine.

Oir is ann on taobh a‑staigh, à cridhe dhaoine, a thig a‑mach droch smuaintean, adhaltranas, strìopachas, mortadh,

Tha na h‑uilc seo uile a’ teachd a‑mach on taobh a‑staigh, agus a’ salachadh an duine.

Ach an tì nach eil air a shloinneadh uapasan, fhuair e deicheamh o Abrahàm, agus bheannaich e esan aig an robh na geallaidhean.

Agus is teine an teanga, saoghal de aingidheachd: mar sin tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, ionnas gun salaich i an corp gu h‑iomlan, agus gun las i cùrsa nàdair; agus i fhèin air a lasadh o ifrinn.

Cia as a tha cogaidhean agus còmhragan a’ teachd nur measg? Nach ann as a seo, eadhon o ur n‑ana-miannan, a tha a’ cogadh nur buill?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan