An sin dh’fheòraich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, Carson nach eil do dheisciobail ag imeachd a rèir beul-aithris nan seanairean, ach a tha iad ag ithe arain le làmhan gun ionnlaid?
Agus thubhairt e riu, Tha fhios agaibh gu bheil e mì‑dhligheach do dhuine a tha na Iùdhach coluadar a chumail ri neach a tha de chinneach eile, no teachd am fagas dha; ach nochd Dia dhòmhsa gun duine air bith a ghairm coitcheann no neòghlan.
Oir tha fhios agam, agus is dearbh leam anns an Tighearna Iosa, nach eil nì sam bith neòghlan dheth fhèin: ach don tì a mheasas nì sam bith neòghlan, dhàsan tha e neòghlan.
Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?
Agus cha tèid air chor sam bith a‑steach ann nì air bith a shalaicheas, no a dh’obraicheas gràinealachd, no a nì breug: ach iadsan a‑mhàin a tha sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain.