Nach eil sibh a’ tuigsinn fhathast ge bè nì a thèid a‑steach anns a’ bheul, gun tèid e anns a’ bhroinn, agus gun tilgear a‑mach don t‑sloc-shalchair e?
Agus thubhairt e riu, A bheil sibhse mar seo fhathast gun tuigse? Nach eil fhios agaibh, ge bè nì air bith a thèid a‑steach anns an duine on leth a‑muigh, nach eil e an comas dha esan a shalachadh?
Tha am biadh airson na bronn, agus a’ bhrù airson a’ bhìdh: ach sgriosaidh Dia araon seo agus siud. A‑nis chan ann airson neòghlaine tha an corp, ach airson an Tighearna: agus an Tighearna airson a’ chuirp.