Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 7:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e riu, A bheil sibhse mar seo fhathast gun tuigse? Nach eil fhios agaibh, ge bè nì air bith a thèid a‑steach anns an duine on leth a‑muigh, nach eil e an comas dha esan a shalachadh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Chan e an nì a thèid a‑steach anns a’ bheul a shalaicheas an duine; ach an nì a thig a‑mach as a’ bheul, is e seo a shalaicheas an duine.

Cionnas nach eil sibh a’ tuigsinn nach ann mu aran a thubhairt mi ribh, sibh a bhith air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach agus nan Sadusach?

Agus thubhairt e riu, Nach aithne dhuibh an cosamhlachd seo? Agus cionnas, matà, a thuigeas sibh gach uile chosamhlachd?

Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh on t‑sluagh, chuir a dheisciobail ceist air mu thimcheall a’ chosamhlachd.

Do bhrìgh nach tèid e a‑steach da chridhe, ach don bhroinn, agus thèid e a‑mach don t‑sloc shalchair, a’ glanadh gach uile bhìdh.

An sin thubhairt e riu, O dhaoine amaideach, agus mall-chridheach a chreidsinn nan nithean sin uile a labhair na fàidhean!

Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, A bheil thusa ad fhear-teagaisg Israeil, agus nach aithne dhut na nithean seo?

Bheathaich mi le bainne sibh, agus chan ann le biadh: oir fhathast cha b’urrainn sibh a ghabhail, agus a‑nis fhèin chan urrainn sibh.

Mum bheil mòran againn ri labhairt, agus cruaidh rim mìneachadh; do bhrìgh gu bheil sibh mall nur n‑èisdeachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan