Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 7:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach their sibhse, Ma their neach ra athair no ra mhàthair, Biodh e na Chorban, sin ri ràdh, na thìodhlac don teampall, ge bè nì leis am faigheadh tu tairbhe uamsa:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Ma bheir duine sam bith agaibh tabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, bheir sibh ur tabhartas den sprèidh, eadhon den bhuar agus den treud.

Ach their sibhse, Ge bè neach a their ra athair no ra mhàthair, Biodh e na thìodhlac don teampall gach nì leis am faodadh tu buannachd fhaotainn uamsa.

Agus, Ge bè a bheir mionnan air an altair, chan eil suim ann: ach ge bè a bheir mionnan air an tìodhlac a tha oirre, tha e ceangailte.

Agus ghlac na h‑àrd-shagartan na buinn airgid, agus thubhairt iad, Cha chòir an cur anns an ionmhas, oir is luach fala iad.

Nach leig sibh dha à sin suas nì sam bith a dhèanamh airson a athar, no a mhàthar;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan