Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 7:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir thubhairt Maois, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus, Ge bè neach a mhallaicheas athair no màthair, cuirear gu cinnteach gu bàs e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Tabhair onair dod athair, agus dod mhàthair; a‑chum is gum bi do làithean buan air an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut.

Agus esan a mhallaicheas a athair no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Ge bè mhallaicheas a athair, no a mhàthair, cuirear as a lòchran ann an duibhre dorchadais.

An t‑sùil a nì magadh air a athair, agus a nì tarcais air ùmhlachd da mhàthair, spìonaidh fithich a’ ghlinne a‑mach i, agus ithidh na h‑iolairean òga suas i.

Oir gach neach a mhallaicheas a athair no a mhàthair, cuirear gu cinnteach gu bàs e: mhallaich e athair no a mhàthair; bidh a fhuil air fhèin.

Oir thug Dia àithne, ag ràdh, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus ge bè a mhallaicheas a athair no a mhàthair, cuirear gu bàs e.

Is aithne dhut na h‑àitheantan, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na toir fianais bhrèige, Na dèan eucoir, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair.

Mallaichte gu robh esan a nì tàir air a athair no air a mhàthair: agus their an sluagh uile, Amen.

Tabhair urram dod athair agus dod mhàthair, mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut; a‑chum gum buanaichear do làithean, agus gun èirich gu math dhut, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan