Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha iongantas air airson am mì‑chreidimh. Agus chaidh e timcheall nam bailtean, a’ teagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus chunnaic e nach robh fear ann, agus b’ioghnadh leis nach robh eadar-mheadhonair ann; an sin dh’obraich a ghàirdean fhèin slàinte air a shon; agus a fhìreantachd fhèin, chùm i suas e.

An do chaochail cinneach an diathan, eadhon iad sin nach robh nan diathan? Ach chaochail mo shluagh-sa an glòir airson nì gun bhuannachd.

Agus dh’imich Iosa timcheall Ghalile uile, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail am measg an t‑sluaigh.

Nuair a chuala Iosa seo, ghabh e iongantas, agus thubhairt e ris a’ mhuinntir a lean e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ann an Israel fhèin nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo.

Agus ghabh Iosa mun cuairt nan uile chathraichean agus bhailtean, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach uile easlaint agus eucail am measg a’ phobaill.

Agus shearmonaich e nan sionagogan air feadh Ghalile uile, agus thilg e a‑mach na deamhain.

Agus air èirigh dha as a sin, thàinig e gu crìochan Iudèa tron dùthaich a tha air an taobh thall de Iòrdan: agus thàinig slòigh da ionnsaigh a‑rìs; agus mar bu ghnàth leis, theagaisg e iad a‑rìs.

Agus chaidh e tro gach cathair agus baile beag, a’ teagasg, agus a’ gabhail na slighe gu Ierusalem.

Agus chaidh e sìos gu Capernàum, baile de Ghalile, agus bha e gan teagasg air làithean na sàbaid:

Agus shearmonaich e ann an sionagogan Ghalile.

Fhreagair an duine agus thubhairt e riu, An seo tha nì iongantach, nach eil fhios agaibh cia as dha, agus gun d’fhosgail e mo shùilean;

Cionnas a dh’ung Dia Iosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh, agus le cumhachd; neach a chaidh mun cuairt a’ dèanamh maith, agus a’ slànachadh nan uile a bha air an sàrachadh leis an diabhal: oir bha Dia maille ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan