Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:56

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ge bè air bith bailtean, no cathraichean, no dùthaich don deachaidh e a‑steach, chuir iad na daoine tinn air na sràidean, agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn a‑mhàin ri iomall a aodaich: agus a mheud is a bhean ris, lèighseadh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha iad ag adhlacadh duine, feuch, chunnaic iad buidheann dhaoine, agus thilg iad sìos an duine do àit-adhlaicaidh Elisa: agus nuair a leigeadh an duine sìos, agus a bhean e ri cnàmhan Elisa, dh’ath-bheothaicheadh e, agus dh’èirich e air a chasan.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn ri iomall a aodaich a‑mhàin; agus a mheud dhiubh is a bhean, shlànaicheadh gu h‑iomlan iad.

(Agus, feuch, thàinig bean, air an robh dòrtadh fala rè dà‑bhliadhna-dheug, air a chùlaibh, agus bhean i ri iomall a aodaich:

Oir leighis e mòran; ionnas gun do dhlùth-theann iad ris, a mheud is air an robh plàighean, a‑chum gum beanadh iad ris.

Agus ruith iad air feadh na tìre sin uile mun cuairt, agus thòisich iad air an dream a bha tinn a ghiùlan mun cuairt air leapaichean, ge bè àite anns an cuala iad esan a bhith.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, Fuilingibh gu seo. Agus bhean e ra chluais, agus shlànaich e i.

Agus dh’iarr an sluagh uile beantainn ris: oir chaidh cumhachd a‑mach as, agus shlànaich e iad uile.

Thàinig ise air a chùlaibh, agus bhean i ri iomall a aodaich: agus sguir a dòrtadh fala air ball.

Agus chan eil slàinte ann an neach air bith eile: oir chan eil ainm air bith eile fo nèamh air a thabhairt am measg dhaoine, tre am faod sinn a bhith air ar tèarnadh.

Ma tha sinne an‑diugh air ar ceasnachadh mun deagh ghnìomh a rinneadh don duine easlan, cionnas a shlànaicheadh e;

Air chor is gun tug iad a‑mach a’ mhuinntir easlan air na sràidean, agus gun do chuir iad air leapaichean agus air uirighean iad, a‑chum aig teachd do Pheadar gun cuireadh a fhaileas, mar a bu lugha, sgàil air neach-eigin aca.

Nì thu dhut fhèin fabhran air ceithir cheithreannan d’aodaich leis an còmhdaich thu thu fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan