Nuair a chuala Iosa seo, ghabh e iongantas, agus thubhairt e ris a’ mhuinntir a lean e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ann an Israel fhèin nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo.
Agus ghabh iad mòr-iongantas uile, ionnas gu robh iad a’ cur na ceiste seo ri chèile, ag ràdh, Ciod e seo? Ciod e an teagasg nuadh seo? Oir le ùghdarras tha e a’ toirt òrdaigh eadhon do na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.
Agus dh’èirich esan air ball, agus thog e an leabaidh agus chaidh e a‑mach nam fianais uile, ionnas gu robh mòr-iongantas orra uile, agus gun do ghlòraich iad Dia, ag ràdh, Chan fhaca sinne riamh a leithid seo.
Agus bha iad gu ro‑mhòr air an lìonadh le iongantas, ag ràdh, Rinn e na h‑uile nithean gu math: tha e araon a’ tabhairt air na bodhair gun cluinn iad, agus air na bailbh gun labhair iad.