Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:50

Am Bìoball Gàidhlig 1992

(Oir chunnaic iad uile e, agus bha iad fo bhuaireas.) Agus air ball labhair e riu, agus thubhairt e riu, Biodh misneach mhath agaibh; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.

Ach labhair Iosa riu air ball, ag ràdh, Biodh misneach mhath agaibh; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh.

Agus, feuch, thug iad da ionnsaigh duine air an robh a’ phairilis, na laighe air leabaidh: agus nuair a chunnaic Iosa an creideamh, thubhairt e ri fear na pairilis, Biodh deagh mhisneach agad, a mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.

Ach nuair a chunnaic iadsan e ag imeachd air a’ mhuir, shaoil iad gum bu tannasg a bha ann; agus ghlaodh iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan