Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha robh e an comas dha mìorbhail air bith a dhèanamh an sin, saor o gun do chuir e a làmhan air beagan de mhuinntir a bha tinn, agus gun do leighis e iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Greas ort, teich an siud; oir chan urrainn mi nì air bith a dhèanamh gus an tèid thu an siud. Uime sin thugadh Sòar mar ainm air a’ bhaile.

Agus nuair a chunnaic e nach do bhuadhaich e air, an sin bhean e ri lag a shlèisde; agus chaidh lag-slèisde Iàcoib as an alt nuair a bha e a’ gleac ris.

Agus cha do rinn e mòran obraichean cumhachdach an sin, airson am mì‑chreidimh.

Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, Tha mo nighean bheag ann an cunnart grad-bhàis; thig, tha mi a’ guidhe ort, agus leag do làmhan oirre a‑chum gun slànaichear i, agus mairidh i beò.

Ach thubhairt Iosa ris, Mas urrainn thusa creidsinn, tha gach aon nì comasach don neach a chreideas.

Agus thàrladh gu robh athair Phubliuis na laighe gu tinn le fiabhras, agus geàrrthach fala: air do Phòl dol a‑steach da ionnsaigh, rinn e ùrnaigh, agus air dha a làmhan a chur air, leighis e e.

Oir shearmonaicheadh an soisgeul dhuinne, amhail a rinneadh dhaibhsan: ach cha robh tairbhe dhaibhsan anns an fhacal a chaidh a shearmonachadh, do bhrìgh nach robh e air a mheasgadh le creideamh anns an dream a chuala e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan