Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:42

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus air dha na còig buileannan agus an dà iasg a ghabhail, agus amharc suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e na buileannan, agus thug e da dheisciobail iad, a‑chum gun cuireadh iad romhpa iad; agus roinn e an dà iasg orra uile.

Agus thog iad dà‑chliabh-dheug làn den bhiadh bhriste, agus de na h‑èisg.

Agus dh’ith iad, agus shàsaicheadh iad uile: agus thogadh dà‑chliabh-dheug de bhiadh briste, a bha a dh’fhuidheall aca.

Nuair a shàsaicheadh iad, thubhairt e ra dheisciobail, Cruinnichibh am biadh briste a tha a thuilleadh ann, a‑chum nach caillear a’ bheag.

Agus dh’irioslaich e thu, agus thug e ort acras fhulang, agus bheathaich e thu le mana (nì nach b’aithne dhut fhèin, cha mhò a b’aithne dod athraichean e), a‑chum gun tugadh e ort fios a bhith agad nach ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach facal a thig a‑mach à beul an Tighearna bidh duine beò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan