Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’àithn e dhaibh a thoirt orra uile suidhe sìos nan cuideachdan air an fheur uaine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus biadh a bhùird, agus suidhe a sheirbhiseach, agus feitheamh a luchd-frithealaidh, agus an trusgan, agus a ghillean-cupain, agus a dhol suas air an deachaidh e suas gu taigh an Tighearna, cha robh spiorad innte nas mò.

Agus dh’àithn e don t‑sluagh suidhe sìos air an làr.

Ach thubhairt esan riu, Cia lìon buileann a tha agaibh? Rachaibh agus faicibh. Agus air faotainn fios dhaibh, thubhairt iad, Còig, agus dà iasg.

Agus shuidh iad sìos nam buidhnean fa leth, nan ceudan agus nan lethcheudan.

Oir bha iad mu thimcheall còig mìle fear. Agus thubhairt e ra dheisciobail, Cuiribh nan suidhe iad, leth-cheud anns gach cuideachd.

Agus thubhairt Iosa, Thugaibh air na daoine suidhe sìos. A‑nis bha mòran feòir anns an àite. Air an adhbhar sin shuidh na daoine sìos, ann an àireamh timcheall còig mìle.

Oir chan e Dia ùghdar na mì‑riaghailt, ach na sìthe, mar ann an eaglaisean nan naomh uile.

Dèanar na h‑uile nithean gu deagh-mhaiseach, agus a rèir òrdaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan