Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thugaibh-se dhaibh ra ithe. Agus thubhairt iadsan ris, An tèid sinn agus an ceannaich sinn luach dà cheud pèighinn de aran, a‑chum gun tugamaid dhaibh nì ra ithe?
Ach thubhairt esan riu, Thugaibh-se dhaibh nì ri ithe. Agus thubhairt iadsan, Chan eil againn tuilleadh na còig buileannan agus dà iasg: mura tèid sinn agus biadh a cheannach don t‑sluagh seo uile.