Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:37

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thugaibh-se dhaibh ra ithe. Agus thubhairt iadsan ris, An tèid sinn agus an ceannaich sinn luach dà cheud pèighinn de aran, a‑chum gun tugamaid dhaibh nì ra ithe?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair ceannard, air làimh an do leig an rìgh a thaic, an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch, ged dhèanadh an Tighearna tuil-dhorsan anns na nèamhan, am faodadh an nì seo a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thusa led shùilean e, ach chan ith thu dheth.

Cia as a gheibhinn-sa feòil gu a tabhairt don t‑sluagh seo uile? Oir tha iad a’ gul rium, ag ràdh, Thoir dhuinn feòil, a‑chum is gun ith sinn?

Ach thubhairt Iosa riu, Cha ruig iad a leas falbh; thugaibh-se dhaibh ra ithe.

Ach nuair a chaidh an seirbhiseach sin fhèin a‑mach, fhuair e aon de a cho-sheirbhisich air an robh aige ceud pèighinn: agus chuir e làmh ann, agus rug e air sgòrnan air, ag ràdh, Ioc dhomh na bheil agam ort.

Leig air falbh iad, a‑chum gun tèid iad don tìr mun cuairt agus do na bailtean, agus gun ceannaich iad biadh dhaibh fhèin: oir chan eil nì air bith aca ra ithe.

Ach thubhairt esan riu, Cia lìon buileann a tha agaibh? Rachaibh agus faicibh. Agus air faotainn fios dhaibh, thubhairt iad, Còig, agus dà iasg.

Bha aig fear-fiachan àraidh dithis a dh’fhèichneinean: bha aige air aon fhear còig ceud pèighinn, agus air an fhear eile lethcheud.

Ach thubhairt esan riu, Thugaibh-se dhaibh nì ri ithe. Agus thubhairt iadsan, Chan eil againn tuilleadh na còig buileannan agus dà iasg: mura tèid sinn agus biadh a cheannach don t‑sluagh seo uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan