Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Leig air falbh iad, a‑chum gun tèid iad don tìr mun cuairt agus do na bailtean, agus gun ceannaich iad biadh dhaibh fhèin: oir chan eil nì air bith aca ra ithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Ach cha tug esan freagradh sam bith dhi. Agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, agus dh’iarr iad air, ag ràdh, Cuir air falbh i, oir tha i a’ glaodhaich nar dèidh.

Agus ghabh Peadar e, agus thòisich e air achmhasan a thabhairt dha, ag ràdh, Guma fada sin uatsa, a Thighearna: cha tachair sin dhutsa.

Agus nuair a chuala a chàirdean seo, thàinig iad a‑mach a bhreith air, oir thubhairt iad, Tha e air mhì-chèill.

Agus thubhairt a dheisciobail ris, Tha thu a’ faicinn gu bheil an sluagh gad dhòmhlachadh, agus an abair thu, Cò a bhean rium?

Agus nuair a bha a‑nis mòran den là air dol seachad, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Tha an t‑àite seo fàs, agus tha a‑nis mòran den là air dol thairis:

Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thugaibh-se dhaibh ra ithe. Agus thubhairt iadsan ris, An tèid sinn agus an ceannaich sinn luach dà cheud pèighinn de aran, a‑chum gun tugamaid dhaibh nì ra ithe?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan