Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chaidh Iosa a‑mach, chunnaic e sluagh mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, a chionn gu robh iad mar chaoraich gun bhuachaille aca: agus thòisich e air mòran de nithean a theagasg dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt esan, Chunnaic mi Israel uile sgapte air na slèibhtean, mar chaoraich aig nach eil buachaille: agus thubhairt an Tighearna, Chan eil maighistir orra seo: tilleadh gach fear dhiubh da thaigh fhèin ann an sìth.

Agus thubhairt esan, Chunnaic mi Israel uile sgapte air na slèibhtean, mar chaoraich aig nach eil buachaille: agus thubhairt an Tighearna, Chan eil maighistir orra seo; tilleadh gach fear da thaigh fhèin ann an sìth.

Agus bidh iad mar earb air a ruagadh, agus mar threud chaorach nach eil neach a’ cuartachadh; tionndaidhidh iad gach aon a‑chum a shluaigh fhèin; agus teichidh iad gach aon gu a dhùthaich fhèin.

Bu chaoraich chaillte mo shluagh-sa: thug an aodhairean orra dol air seachran, tharraing iad a thaobh iad air na slèibhtean; shiubhail iad o shliabh gu cnoc, leig iad an àite-fois air dìochuimhn.

Agus sgapadh iad le dìth aodhairean: agus bha iad nam biadh do uile bheathaichean na machrach, nuair a bha iad air an sgapadh.

Oir labhair na h‑iodhalan dìomhanas, agus chunnaic na fiosaichean breug, agus dh’innis iad aislingean faoine; is dìomhain an comhfhurtachd: uime sin dh’imich iad air falbh mar threud; bha iad air an claoidh, a chionn nach robh buachaille air bith ann.

A thèid a‑mach romhpa, agus a thig a‑steach romhpa, agus a threòraicheas a‑mach iad, agus a bheir a‑steach iad; a‑chum nach bi co‑chruinneachadh an Tighearna mar chaoraich aig nach eil buachaille.

Agus air dol a‑mach do Iosa, chunnaic e coitheanal mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, agus shlànaich e an dream aca a bha easlan.

An sin ghairm Iosa a dheisciobail da ionnsaigh, agus thubhairt e, Tha mi a’ gabhail truais den t‑sluagh, oir dh’fhan iad maille rium a‑nis rè trì làithean, agus chan eil nì air bith aca ra ithe: agus cha chuir mi uam nan trasg iad, air eagal gum fannaich iad air an t‑slighe.

Ach nuair a chunnaic e an sluagh, ghabh e truas dhiubh, airson gu robh iad air fannachadh, agus air an sgapadh o chèile, mar chaoraich aig nach eil buachaille.

Agus chunnaic an sluagh iadsan a’ falbh, agus dh’aithnich mòran e, agus ruith iad dan cois as na bailtean uile an sin, agus bha iad romhpa, agus chruinnicheadh iad da ionnsaigh.

Agus nuair a bha a‑nis mòran den là air dol seachad, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Tha an t‑àite seo fàs, agus tha a‑nis mòran den là air dol thairis:

Anns na làithean sin, air do shluagh ro‑mhòr a bhith ann, agus gun nì air bith aca ri ithe, ghairm Iosa a dheisciobail da ionnsaigh, agus thubhairt e riu,

Tha truas mòr agam den t‑sluagh, do bhrìgh gun d’fhan iad a‑nis trì làithean maille rium, agus nach eil nì air bith aca ri ithe;

Agus nuair a fhuair an sluagh fios air, lean iad e: agus ghabh e da ionnsaigh iad, agus labhair e riu mu thimcheall rìoghachd Dhè, agus leighis e iadsan aig an robh feum air leigheas.

Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:

Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan