Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic an sluagh iadsan a’ falbh, agus dh’aithnich mòran e, agus ruith iad dan cois as na bailtean uile an sin, agus bha iad romhpa, agus chruinnicheadh iad da ionnsaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh iad gu àite fàsail ann an luing air leth.

Agus nuair a chaidh Iosa a‑mach, chunnaic e sluagh mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, a chionn gu robh iad mar chaoraich gun bhuachaille aca: agus thòisich e air mòran de nithean a theagasg dhaibh.

Agus lean sluagh mòr e, do bhrìgh gum faca iad a mhìorbhailean a rinn e air an dream a bha easlan.

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, biodh gach duine ealamh a‑chum èisdeachd, mall a‑chum labhairt, mall a‑chum feirge:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan