Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chruinnicheadh na h‑abstoil a‑chum Iosa, agus dh’innis iad dha na h‑uile nithean, araon gach nì a rinn iad, agus gach nì a theagaisg iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus dh’innis an seirbhiseach do Isaac na h‑uile nithean a rinn e.

Agus is iad seo ainmean an dà‑abstol-dheug; an ciad fhear, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair;

Agus dh’òrdaich e dà‑fhear-dheug, a‑chum gum biodh iad maille ris, agus gun cuireadh e a‑mach iad a shearmonachadh;

Agus nuair a chuala a dheisciobail sin, thàinig iad agus thog iad a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e.

Agus thill an deichnear agus an trì-fichead le gàirdeachas, ag ràdh, a Thighearna, tha na deamhain fhèin fo smachd againne tro d’ainm-sa.

Agus thubhairt na h‑Abstoil ris an Tighearna, Meudaich ar creideamh.

Agus an tràth a thàinig an uair, shuidh e sìos, agus an dà‑abstol-dheug maille ris.

Agus b’i Muire Magdalen, agus Ioanna, agus Muire màthair Sheumais, agus mnathan eile maille riu, a dh’innis na nithean seo do na h‑Abstoil.

Agus air teachd don là, ghairm e da ionnsaigh a dheisciobail; agus thagh e dà‑fhear-dheug asda, den do ghairm e Abstoil:

Agus air tilleadh do na h‑Abstoil, dh’innis iad dha gach nì a rinn iad. Agus thug e leis iad, agus chaidh e fa leth gu àite fàsail, a bhuineadh don bhaile den goirear Betsaida.

Agus thilg iad an crannchur; agus thuit an crannchur air Matias; agus bha e air àireamh maille ris an aon-abstol-deug.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan