Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug e a cheann leis air mèis, agus thug e don chailinn e: agus thug a’ chailinn da màthair e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Oir nuair a thàinig iad a‑steach don taigh, bha esan na laighe air a leabaidh na sheòmar-cadail, agus bhuail iad e, agus mharbh iad e, agus chuir iad an ceann dheth, agus thug iad leo a cheann, agus dh’imich iad romhpa air slighe an fhàsaich rè na h‑oidhche.

Agus thàinig teachdaire, agus dh’innis e dha, ag ràdh, Thug iad leo cinn mic an rìgh. Agus thubhairt esan, Cuiribh iad nan dà dhùn aig dol a‑steach a’ gheata gu madainn.

Agus air dhise a bhith air a teagasg le a màthair ro‑làimh, thubhairt i, Thoir dhomh an seo ceann Eòin Baistidh air mèis.

Agus air ball, chuir an rìgh a‑mach fear-millidh, agus dh’àithn e a cheann a thoirt a‑steach: agus dh’imich esan agus thug e an ceann dheth anns a’ phrìosan;

Agus nuair a chuala a dheisciobail sin, thàinig iad agus thog iad a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan