Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chaidh i a‑mach thubhairt i ra màthair, Ciod a dh’iarras mi? Agus thubhairt ise, Ceann Eòin Baistidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Ionadab ris, Laigh sìos air do leabaidh, agus leig ort a bhith tinn; agus nuair a thig d’athair gad fhaicinn, their thu ris, Thigeadh, guidheam ort, mo phiuthar Tàmar, agus thugadh i biadh dhomh, agus deasaicheadh i am biadh am fhianais, a‑chum gum faic mi e, agus gun ith mi as a làimh e.

Mura dubhairt fir mo phàillein, Och nach robh sinn air ar sàsachadh le a fheòil!

Nuair a thàinig luchd-uilc orm a dh’ithe suas m’fheòla, mo naimhdean agus m’eascairdean, thuislich iad fhèin agus thuit iad.

Tha an t‑aingidh a’ cumadh uilc don ionraic, agus a’ casadh a fhiaclan ris.

Tharraing na h‑aingidh an claidheamh, agus chuir iad am bogha air ghleus, a leagadh sìos a’ bhochd agus an ainnis, a mharbhadh luchd deagh-bheus.

Agus air dhise a bhith air a teagasg le a màthair ro‑làimh, thubhairt i, Thoir dhomh an seo ceann Eòin Baistidh air mèis.

Agus anns na làithean sin thàinig Eòin Baistidh, a’ searmonachadh ann am fàsach Iudèa,

Agus thug e mionnan dhi, Ge bè nì a dh’iarras tu orm, bheir mi dhut e, gu leth mo rìoghachd.

Agus chaidh i air ball le cabhaig a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, agus dh’iarr i, ag ràdh, Is àill leam gun tugadh tu dhomh gun dàil ceann Eòin Baistidh air mèis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan