Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chaidh nighean Heròdiais seo a‑steach, agus a rinn i dannsa, thaitinn i ri Herod agus riùsan a shuidh maille ris, agus thubhairt an rìgh ris a’ chailinn, Iarr ormsa ge bè nì as àill leat, agus bheir mi dhut e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Dh’àithn Belsasar, nuair a bhlais e am fìon, na soithichean òir agus airgid a thug a athair Nebuchadnesar as an teampall a bha ann an Ierusalem a thoirt da ionnsaigh, a‑chum gun òladh an rìgh agus a mhòr-uaislean, a mhnathan agus a choileabaich asda.

Agus ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, ach cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, ach cha do rinn sibhse gul.

Oir air do Herod Eòin a ghlacadh, cheangail e e, agus thilg e ann am prìosan e airson Heròdiais, bean Philip, a bhràthair fhèin.

Ach nuair a bha co‑ainm là‑breithe Heroid air a chumail, rinn nighean Heròdiais dannsa nan làthair, agus thaitinn i ri Herod:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan