Uime sin bha diomb mòr aig Heròdias ris, agus bu mhiann leatha a chur gu bàs; ach cha b’urrainn i.
Agus thubhairt Ahab ri Eliah, An d’fhuair thu mi, O mo nàmhaid? Agus thubhairt esan, Fhuair mi thu; a chionn gun do reic thu thu fhèin a dhèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna.
Na deifrich ann ad spiorad gu fearg a ghabhail; oir còmhnaichidh fearg ann an uchd amadan.
Tha thu a’ faicinn iomadh nì, ach chan eil thu a’ tabhairt fa‑near; tha do chluasan fosgailte, ach gun a bhith a’ cluinntinn.
Oir air do Herod Eòin a ghlacadh, cheangail e e, agus thilg e ann am prìosan e airson Heròdiais, bean Philip, a bhràthair fhèin.
Ach nuair a bha co‑ainm là‑breithe Heroid air a chumail, rinn nighean Heròdiais dannsa nan làthair, agus thaitinn i ri Herod: