Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir chuir Herod fhèin a‑mach agus ghlac e Eòin, agus cheangail e ann am prìosan e airson Heròdiais, bean-phòsda Philip, a bhràthair fhèin, do bhrìgh gun do phòs e i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

A‑nis nuair a chuala Eòin anns a’ phrìosan gnìomharan Chrìosd, chuir e dithis de a dheisciobail da ionnsaigh,

Ach nuair a chuala Iosa gun do chuireadh Eòin an làimh, dh’imich e do Ghalile;

Ach nuair a chuala Herod seo, thubhairt e, Is e Eòin, den do chuir mise an ceann, a tha ann; dh’èirich e o na mairbh.

A‑nis anns a’ chòigeamh-bliadhna-deug de ìmpireachd Thiberiuis Chèasair, air bhith do Phontias Pilat na uachdaran air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air Iturèa agus dùthaich Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene,

Oir cha robh Eòin fhathast air a thilgeadh ann am prìosan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan