Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala Herod an rìgh uime, oir chaidh ainm am follais; agus thubhairt e, Tha Eòin Baistidh air èirigh o na mairbh, agus uime sin tha feartan air an obrachadh leis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e ann an Ierusalem innealan-cogaidh, a dhealbhadh le daoine ealanta, gu bhith air na tùir agus air oisnean nam ballachan, a thilgeadh shaighead agus chlach mòra leo; agus chaidh a ainm a‑mach an cèin, oir b’iongantach an dòigh air an do chuidicheadh leis gus an d’fhàs e cumhachdach.

Agus thug na h‑Amonaich tìodhlacan do Udsiah; agus chaidh a ainm a‑mach gu ruig dol a‑steach na h‑Eiphit, oir dh’fhàs e ro‑chumhachdach.

Ach nuair a dh’imich iad a‑mach, sgaoil iad a chliù air feadh na dùthcha sin uile.

Agus chaidh a chliù air ball a‑mach air feadh na tìre uile timcheall Ghalile.

Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird.

Agus fhreagair iadsan, Eòin Baistidh; agus cuid eile, Elias; agus cuid eile, Aon de na fàidhean.

Air an là sin fhèin thàinig Pharasaich àraidh da ionnsaigh, ag ràdh ris, Gabh a‑mach agus imich à seo: oir tha toil aig Herod do mharbhadh.

A‑nis anns a’ chòigeamh-bliadhna-deug de ìmpireachd Thiberiuis Chèasair, air bhith do Phontias Pilat na uachdaran air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air Iturèa agus dùthaich Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene,

Agus chaidh an t‑iomradh seo a‑mach airsan air feadh Iudèa uile, agus na dùthcha mun cuairt uile.

Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Eòin Baistidh: ach tha cuid ag ràdh Elias: agus cuid eile gu bheil aon de na seann fhàidhean air èirigh a‑rìs.

Oir uaibhse chaidh fuaim facal an Tighearna a‑mach, chan ann a‑mhàin ann am Macedònia agus ann an Achaia, ach mar an ceudna anns gach àite; tha ur creideamh ann an Dia air a sgaoileadh a‑mach, ionnas nach eil feum air sinne a labhairt nì air bith.

Air a bhith do Dhia a’ dèanamh co‑fhianais leo, araon le comharraidhean agus le iongantasan, agus le feartan eugsamhail, agus le tìodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoile fhèin?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan