Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh iad a‑mach, agus shearmonaich iad gun dèanadh daoine aithreachas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Uime sin bheir mise breith oirbh, O thaigh Israeil, gach aon a rèir a shlighe, tha an Tighearna Dia ag ràdh. Gabhaibh aithreachas, agus tillibh o ur n‑uile chionta; mar sin cha dèan aingidheachd ur milleadh.

Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa a àitheantan a thabhairt da dhà-dheisciobal-dheug, gun d’imich e as a sin a theagasg agus a shearmonachadh nam bailtean.

An sin thòisich e air achmhasan a thabhairt do na bailtean anns am mò an do rinneadh de a obraichean cumhachdach, airson nach do rinn iad aithreachas.

Agus ag ràdh, Gabhaibh aithreachas: oir tha rìoghachd nèimh am fagas.

Air an adhbhar sin, thugaibh a‑mach toradh iomchaidh don aithreachas.

O sin a‑mach thòisich Iosa air searmonachadh, agus air a ràdh, Gabhaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh am fagas.

Ach imichibh agus fòghlamaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair is àill leam, agus chan ìobairt: oir cha tàinig mise a ghairm nam fìreanach, ach nam peacach a‑chum aithreachais.

Agus ag ràdh, Choileanadh an aimsir, agus tha rìoghachd Dhè am fagas; dèanaibh-se aithreachas, agus creidibh an soisgeul.

Guth an tì a dh’èigheas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.

Eiridh muinntir Ninebheh suas anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh iad e: oir rinn iadsan aithreachas le searmoin Iònais; agus, feuch, tha nas mò na Iònas an seo.

Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh: ach mura dèan sibhse aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna.

Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh: ach mura dèan sibhse aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna.

Mar an ceudna tha mi ag ràdh ribh, Tha gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacaich a nì aithreachas.

Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gum bi aoibhneas air nèamh airson aon pheacaich a nì aithreachas, nas mò na airson naoi-deug agus ceithir-fichead fìrean, aig nach eil feum air aithreachas.

Agus aithreachas agus maitheanas peacaidh a bhith air an searmonachadh na ainm-san, do na h‑uile chinnich, a’ tòiseachadh aig Ierusalem.

Agus chaidh iadsan a‑mach, agus ghabh iad tro na bailtean, a’ searmonachadh an t‑soisgeil, agus a’ leigheas anns gach àite.

Agus nuair a chuala iad na nithean seo, thosd iad, agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Thug Dia mas eadh mar an ceudna do na Cinnich aithreachas a‑chum na beatha.

An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.

A’ dèanamh fianais araon do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich, mu aithreachas a‑thaobh Dhè, agus mu chreideamh a‑thaobh ar Tighearna Iosa Crìosd.

Ach shearmonaich mi air tùs dhaibhsan ann an Damascas, agus ann an Ierusalem, agus air feadh tìr Iudèa uile, agus an sin do na Cinnich, iad a dhèanamh aithreachais agus tilleadh ri Dia, a’ dèanamh obraichean iomchaidh an aithreachais.

Air an adhbhar sin, dèanaibh-se aithreachas agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as, nuair a thig àmannan fionnaireachd o làthair an Tighearna;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan