Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 6:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cò air bith iad nach gabh ribh, agus nach èisd ribh, air dhuibh imeachd as an àite sin, crathaibh an duslach a bhios fo ur casan mar fhianais nan aghaidh. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom agus do Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na don bhaile sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Mar an ceudna chrath mi m’uchd, agus thubhairt mi, Mar seo crathadh Dia gach duine nach coilean an gealladh seo, a‑mach as a thaigh, agus as a obair, eadhon mar seo crathar a‑mach agus falmhaichear e. Agus thubhairt an coitheanal uile, Amen, agus mhol iad an Tighearna. Agus rinn an sluagh a rèir a’ gheallaidh seo.

Ach tha mi ag ràdh ribh gun toir daoine cunntas ann an là a’ bhreitheanais airson gach facail dhìomhain a labhras iad.

Agus thubhairt e riu, Ge bè ionad air bith anns an tèid sibh a‑steach do thaigh, an sin fanaibh gus am falbh sibh as an àite sin.

Agus cò air bith iad nach gabh ribh, air dhuibh dol a‑mach as a’ bhaile sin, crathaibh dhibh eadhon an duslach o ur casan mar fhianais nan aghaidh.

Agus nuair a chuir iad na aghaidh, agus a labhair iad toibheum, chrath e a aodach, agus thubhairt e riu, Biodh ur fuil air ur ceann fhèin; tha mise glan: à seo suas thèid mi a‑chum nan Cinneach.

Anns an là anns an toir Dia breith air nithean uaigneach dhaoine, a rèir mo shoisgeil-sa, tre Iosa Crìosd.

Ach a rèir do chruais agus do chridhe neo-aithreachail, tha thu a’ càrnadh suas feirge dhut fhèin fa chomhair là na feirge, agus foillseachadh ceart-bhreitheanas Dhè;

Agus a’ tionndadh cathraichean Shòdoim agus Ghomorrah gu luaithre, gun do dhìt e le lèirsgrios iad, gan dèanamh nam ball-sampaill dhaibhsan a bhiodh mì‑dhiadhaidh an dèidh sin;

Is aithne don Tighearna na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus na daoine eucorach a choimhead gu là a’ bhreitheanais a‑chum peanas a dhèanamh orra:

Ach tha na nèamhan agus an talamh a tha a‑nis ann, leis an fhacal sin fhèin air an tasgadh suas, agus air an gleidheadh fa chomhair teine air cheann là a’ bhreitheanais, agus sgrios dhaoine an‑diadhaidh.

An seo tha ar gràdh-ne air a dhèanamh coileanta, a‑chum gum bi againn dànachd ann an là a’ bhreitheanais: do bhrìgh mar a tha esan, gur amhail sin a tha sinne anns an t‑saoghal seo.

Amhail a tha Sòdom agus Gomorrah, agus na bailtean mun cuairt orra, a thug iad fhèin thairis do strìopachas air a’ mhodh cheudna, agus a bha a’ leantainn feòla coimhich, air an cur suas nam ball-sampaill, a’ fulang dìoghaltas teine shìorraidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan